Page images
PDF
EPUB

O bheul Oguill, gu d' ghreasad:

Ach 's eagal leam fein nach pill thu. *

*

Mar cholum an carraig na h Ulacha, 'S i solar dhearca da hàl beag, 'S a' pilltin gu tric, gun am blasad i fein, Tra dh' eireas an tseabhag na smuainte; B' amhuil a phill tri uaire 'n Aoibhir, 'S a hanam mar thuinn air a luasga' Bho bhair gu bàir, 's an doinionn a' seide', Tra chual i guth bròin o ghéig na tràgha. †

Thogas a chlogaid; chunnas a chiabhan, Na 'n ànra fiar am fallas.Dh' eirich mo bhùirich fein,

'S thog esan air eigin a shuil

Thaini' 'n teug, mar smal na greine;
Tuille cha leir dhuit tOscar!

Tha àilleachd Aoibheir-chaomha fo smal, 'S barr sleagh aig a mac gun smuairean, B' fhann a guth; ba tearc a ràite, Thogas fein le m'laimh asuas i: Ach leag i mo bhos air ceann a mic, 'S a hacain gu tric ag eiridh. ‡

Càiribh, a chlanna nan teud, Leaba Ghuill's a dheo-greine là ris ; Far am faicear innis o chein

Is geugan os aird ga sgàile'.

Fo sgèi na daraig is guirme blà,

Is luaithe fàs, 's is buaine dreach,

A bhrùchdas a duilleach air anail na frois,

• Ibid. p. 30.

↑ Ibid. p. 32.

Ibid. p. 36,

184

EXTRACT FROM LEABA GHUILL

'S an raon m'an cuaïrt di seargta.
-A duilleach ó iomall na tìre,
Chìtear le eoin an tsamhraidh;
Is luidhidh gach eun mar a thig
Air barraibh † na géige urair.
Cluinnidh Goll an ceilear na cheo,
'S oighean a' seinn air Aoibhir-chaomha:
'S gus an caochail gach ni dhiu so,
Cha sgarar ur cuimhne bho chèile.
--Gus an crion gu luaithre a chlach,
'S an searg as le haois a gheug so,
Gus an sguir na sruthain a ruith,

'S an dèagh mathair-uisge nan sleibhtean;
Gus an caillear an dilinn aois

Gach filidh, 's dàn is aobhar sgéil;

Cha'n fheoruich an taineal "Co mac Morna?

"Na Cia i cònuidh ‡ Ghuill nan lù-chon* ?”

LEABA GHUILL.

From Mr. McDiarmid.

O! Càiribh, a chlanna nan tèud,
Leaba Ghuill, 's a dheo-grèine laimh ris,
Far an comharraichear a leaba an céin,
Ge d' robh gèuga arda 'ga sgàile;
Fo sgeith na daraig a's guirme blàth,
Is luaithe fàs, 's is buaine dreach

A bhrùchdas a duilleach air anail na frois
'S an raon mu'n cuairt dhi seargta.

A duilleach o iomall gach tìre
Chitear le eoin an tsamhruidh
'S luidhidh gach èun, mar a thig,
Air barraibh Gèige na Strumoin.
Cluinnidh Goll an ceileir 'na cheò,
'S oighean a seinn air Eibhir-chaomha,
Ibid. p. 38.

tal. geige na Strumhoin.

a. Righ na Strumhoin.

[ocr errors]

'S gus an caochail gach ni dhiubh so
Cha sgarar bhur cuimhne o chèile.
Gus an crion gu luaithre a chlach
'S gus an searg as le aois a Ghèug so,
Gus an sguir na sruthain a ruith

'S gus an dèibh mathair-uisge nan sleibhte,
Gus an caillear san dìlinn, aois

Gach Filidh, 's dàn, à's aobhar sgéil

Cha'n fheoruich an taineal, Co mac Moirne,
No c'àite 'n comhnuidh Riogh na Strumoin.

3. ORIGINAL OF OSSIAN'S ADDRESS TO THE SUN IN From the same.

CARTHON.

O! 'USA fhéin a shiùbhlas shuas

Cruinn mar làn sciath chruaidh nan triath,

C'as tha do dhearsa gu'n ghruaim,

Do sholus ata buan, a Ghrian?
Thig thu 'na d' àileadh thrèin,
Is faluichidh Rèil an triall,

7. 7. Theid Gealach gun tuar o'n spèur
'G a cleath fèin fo stuaigh san Iar.
Tha 'Us' ann a d' astar amhàin,
Co tha dàna bhi na d chòir?
Tuitidh darag o'n chruaich aird,
Tuitidh earn fo aois a's scorr;
Tràighidh a's lionaidh an Cuan,
7.14. Caillear shuas an Rè san spèur;
Thusa d' aon a chaoi fo bhuaidh
An aobhneas do sholuis fèin.
'Nuair a dhubhas m'an domhans toirm,
Le Torrunn borb, a's dealan bearth'
Sealaidh tu 'n a d'àil' o'n toirm

Fiamh Gáire am bruailean nan spèur!

Dhomhsa tha do sholus faoin,
'S nach faio mi a chaoi do ghnùis
Sgaoleadh Cùl us òrbhui' ciabh
Air aghaidh nan Nial san Ear
No 'nuair chritheas ann san Iar
7.26. Aig do dhorsaibh ciar air lear.

'S maith dh' fheudta gum bheil thu's mise fein
'S an am gu trèun, 's gu'n fhèim ann am,
Ar bhadhnaidh a tearna o'n spèur

A siubhal le chèile gu 'n ceann,
Biodh Aoibhneas ort fein, a Ghrian!
'S tu neartmhor, a Thriath, a' d' oige,
1.33.'S dorcha, mi-thaitneach an Aois,

Mar sholus faoin an Rè gun chàil,
'S i sealtuinn o neòil air an raon,
'S an liath-cheò air thaobh nan carn,
An ossag o thuath air an rèth;

Fear siubhail fo bhèud, 's è mall.

Capt. Morrison's copy of the above Address to the Sun differs only in the 7th, 14th, 26th, 33d, 34th, and 35th lines, which in Capt. Morrison's are as under:

1. 7.

A ghealach ga dubhadh san speur,

14.

Falaichear shuas an reul san speur,

26.

33.

Le do dheirse ciar ar lear.

Is brònach mi-thaitneach an aois 34. Mar ghealaich fhaoin san speur A raith fo neul ar a raon.

35.

4. ORIGINÁL OF THE ADDRESS TO THE SUN IN CARRICTHURA, From the same.

AN d' fhag thu gorm astar nan speur,

A mhic gu'n bhéud is òrbhui ciabh,
Tha doirse na hoiche dhuit féin,
Agus pàlluinn do chlos san Iar.
Thig na stuaigh mu'n cuairt gu mall
A choimhead an fhir a's gloine gruaidh,
A togail fo eagal an ceann;

Re d'fhaicinn co-àille a' d' shuain
Theich iadsa gu'n tuar o d' thaobh.
Gabhsa cadal 'n a do chos,

A Ghrian! a's pill an tès le aoibhneas,

5. EXTRACT FROM THE ORIGINAL OF FINAN AND LORMA, in Dr. SMITH's Sean Dana.

"THA 'n taonach, a bhaird, ro-gheal,

Is faileas na rè air Caothan,
Taibhsean an tsleibh a' labhairt,

'S guth thannas an luib na gaoithe.

Ach 's caochla cruth am bheil ar beachd,
Da dhuisneul am feachd na hòiche;

Ta 'n imeachd air Albha nam boc,

'S an ciabha clearc air osunn an aonaich.

Le aon diu' doilleir tha dhà chù,

'S a bhogha iughrach dorch' air lagh,

« PreviousContinue »