Cha bu sholas dhise an stri; Chunnaic Fionnghal air an ard “Mar imeachd na gaoith' air an stuadh Siol Shelma nam fuaim dol sios; Tha iadsa mar uisge o chruaich, Nach caisgear am buaireadh a stri. Non erat gaudium ei luctamen; Vidit Fingal in alto “ Instar cursûs venti super unda A so féin a ghluaiseas mo chliu dàil Ex hoc ipso procedet mea fama Tetendit rex gradum sine mora O am gu àm bhuail dearrsa thall A ghorm-sgiath nam ball 's na mòirchuis. 'Nuair ghluaiseas mall ard righ nan triath, Tha 'shùil a sealltuinn borb o'thaobh Mu shiubhal nan daoin' a' dùnadh. Leth liath a bha chiabha sa' ghaoith M'a ghnùis nach robh faoin fo dhùbhra, A thuar a' lasadh le sòlas fiar, Mise dorchadh 's a' triall 'na dhéigh. A nis a thàinig Gall an triath, A sgiath bhallach air iall ri laoch; Labhair e, 's e grad a' dol sìos ; “ Mhic Fionnghail tog sgiath ri m' thaobh, Tog ard ri mo thaobh i, thréin; Saoilidh nàimhde gu 'r feum mo shleagh, 'S iad 'g a faicinn a' soills’an mo làimh. Ma thuiteas mi, thréin, air chruaich, Ceil, Oisein, an uaigh air an raon, Cha 'n imrich an làmh so a' chruaidh. Na cluinnear orm luaidh tha faoin ; Na cluinneadh ainnir chaomh mi féin, ’S i deargadh fo bheus a ciabha. Fhillein, fo shùilean an righ Na di chuimhn dhuinn strì nam beum; C'uim a thigeadh na gaisgich o'n fhrith Thoirt cobhair do raon a tha 'm feum." Leum an sonn an trom an t-sluaigh, Sgiath bhallach a' fuaim r'a thaobh. |